Silke Stroh
Le sùil d’ inntinn, seall seo: Tha thu aig an taigh. Tha gàrradh brèagha air chùl an taighe agad. Is toigh leat an gàrradh, is tha feadhainn de na flùraichean a th’ ann gu math gann. Tha frith-rathadan poblach mu thimcheall a’ ghàrraidh. Air latha àraidh, tha thu a’ coimhead a-mach air an uinneig, is gu h-obann tha thu a’ faicinn gu bheil an nàbaidh agad ro leisg airson coiseachd mu thimcheall a’ ghàrraidh air an rathad – tha e a’ cleachdadh a’ ghàrraidh agad mar ath-ghoirid, a’ saltairt nam flùraichean, a’ dèanamh snodha-gàire riut nuair a tha e gad fhaicinn. Tha na flùraichean air an sgriosadh. Tha thu fiadhaich, is tha thu a’ toirt achmhasan dha. Tha e a’ freagairt: “Carson a tha thu cho greannach is mì-mhodhail?” Thusa: “Tha mi greannach oir tha thu a’ saltairt mo ghàrraidh!” Esan: “Ach rinn mi snodha-ghàire fhad ’s a rinn mi sin. Mar sin dheth, bha mi modhail riut. Is bu chòir dhut-sa bhith modhail is leigeil dhomh gabhail romham!” – Cò am fear a tha mì-mhodhail an seo?
Tha mi an dùil gun canadh mòran gur e an nàbaidh as coireach. Ach a-nis, smaoinich air suidheachadh eile. Àite, coimhearsneachd neo còmhlan far a bheil a’ Ghàidhlig gu math làidir. Luchd na Beurla a’ tighinn a-steach, airson tadhal neo còmhnaidh. Ged as e àite Gàidhlig a th’ ann, chan eil iad a’ toirt spèis dhan chànan, tha iad ro leisg a h-ionnsachadh (fiù ’s facal no dhà – cha tig sin fiù ’s a-steach orra!), is tha iad an dùil gun atharraich a h-uile Gàidheal a tha mun cuairt orra a chainnt gu Beurla, dìreach air an sgàth-san, ge be dè an sgrios a nì sin – saoilidh iad gur dual dhaibh e. Mur atharraich, saoilidh iad gur e na Gàidheal a tha mì-mhodhail. Is iomadh Gàidheal a shaoileas an aon rud. Atharraichidh iad a’ chainnt aca gu Beurla, eadhon mus iarrar orra sin a dhèanamh, eadhon nuair nach eil iad a’ bruidhinn ri luchd na Beurla ach ri Gàidheal eile, dìreach o chionn ’s gu bheil luchd na Beurla an làthair, ag èisteachd. Mar eisimpleir, o chionn trì bliadhna, bha mi aig cèilidh mhòr anns na h-Eileanan Siar a bha air a cur air dòigh leis (agus, sa mhòr-chuid, ag amas air) a’ choimhearsneachd ionadail. An toiseach, rinn an luchd-taisbeanaidh a h-uile rud tro mheadhan na Gàidhlig, is bha coltas gun robh a h-uile duine toilichte le sin. Ach an dèidh mu leth-uair a thìde, thuirt an luchd-taisbeanaidh: “We’ve just heard that there are a few tourists in the audience, so we should perhaps continue in English.” Beurla a-rithist airson a bhith ‘modhail’.
San Fhraing no san Eadailt, cha bhitheadh duine sam bith (luchd-turais neo luchd ionadail) an dùil gun cuirte Beurla an àite a’ chànain ionadail dìreach o chionn ’s gu bheil coigrich an làthair. Eadhon ma tha muinntir an àite comasach gu leòr sa Bheurla, cha shaoileadh iad gum bu chòir dhaibh an cànan acasan a chumail bhuat gu tur. Ionnsaichidh eadhon luchd-turais facal no dhà, cleachdar gluasadan is mìmeadh gus cuideachadh, is bhitheadh e ceart gu leòr mur tuigeadh iad a h-uile rud a theirte no sgrìobhte mun cuairt orra. Agus nan gabhadh tu còmhnaidh san Fhraing, bhitheadh fios agad gum feumadh tu Fraingis ionnsachadh gu ceart – cha bhitheadh tu an dùil a bhith fuireach san Fhraing fad bliadhnaichean gun Fraingis. Carson a tha e eadar-dhealaichte leis a’ Ghàidhlig? Neo mion-chànanan eile, me Maori ann an Sealainn Nuadh? Chanadh cuid gur e dìleab eachdraidheil a th’ ann – ideòlasan ìmpireil; an smuaint gu bheil aon chultar (me cultar na Beurla) nas fheàrr is nas cudromaiche na cultaran eile, is gu bheil còir aig luchd na Beurla sgrios a dhèanamh air cultaran eile is cultar na Beurla a sparradh air a h-uile duine. Ged a tha làithean na colonachd seachad gu h-oifigeil, tha na smuaintean fhathast ann. San latha an diugh, is tric nach eil daoine bho chultaran mòra mothachail gu bheil feadhainn de na h-àbhaistean is pribhleidean aca stèidhichte air ìmpirealas, is gur e mì-cheartas a th’ ann – tha cùisean cho ‘nàdarrach’ dhaibh nach eil iad a’ smaoineachadh air. Cho fad ’s a nì iad snodha-ghàire, gun tàir a dhèanamh air na Gàidheil os àrd, agus gun fhòirneart corporra, saoilidh iad gu bheil iad modhail is laghach gu leòr. Ach a bheil e gu leòr? Faodaidh fòirneart a bhith nas slìogaiche na sin – faodaidh aineolas is leisgeachd a bhith fòirneartach cuideachd.
Ach faodar dùbhlan a thoirt do na h-àbhaistean sin. Sin na tha a’ tachairt ann am mion-shluaghan eile – me bithidh Tùsanaich ann an Aimeireaga a Tuath neo Daoine Dubha a’ toirt slaic air aon-taobhachd agus air aineolas, leisgeachd is mì-mhodh a’ mhòr-shluaigh (gun luaidh air gràin-chinnidh fhollaiseach is fòirneart corporra) nas trice a-nis. Tha luchd-iomairt anns na coimhearsneachdan sin ag ràdh nach eil e mì-mhodhail ùpraid a dhèanamh agus fearg a shealltainn do bhuill a’ mhòr-shluaigh ma nì iad cron, agus gu bheil mion-shluaghan feumach air àitichean tèarainte (‘safe spaces’ sa Bheurla) bho àm gu àm – me ionadan cultarail, fòraman agus tachartasan far a bheil am mion-shluagh na mhòr-shluagh, far am faod e a chlàran-gnòthaich fhèin a leantainn, gun umhail do dh'fheuman is àbhaistean an t-saoghail a-muigh, agus ma thig daoine eile a-steach, feumaidh iad gèilleadh do phrìomhachasan na coimhearsneachd. Tha sin cudromach a thaobh saidhgeolais, sunnd fhaireachail, inntleachd agus poileataigs. Mar an ceudna, tha an argamaid seo coltach ris na sgrìobh an cànanaiche Joshua Fishman anns an leabhar aige Reversing Language Shift (1991) far a bheil e ag ràdh gu bheil mion-chànanan feumach air ‘safe zones’ (d. 365). Ma bhitheas sinn ag agairt gu bheil e ceart gu leòr a bhith misneachail, feargach is feumach air àitichean tèarainte, cleachdaidh sinn modh nas connspaidiche na b’ àbhaist ann an saoghal na Gàidhlig, ach is dòcha gum feumar sin gus an cànan a dhìon. Faodaidh gu bheil feadhainn fo eagal gun tog sin aimhreit is roinnean maireannach ann an coimhearsneachdan beaga, ach cha chreid mi gum feum e bhith mar sin. Dh’fhaodadh connspaid shealach a bhith na ro-innleachd a bhrosnaicheas daoine gus meòrachadh air ro-bheachdan is suidheachaidhean sòisealta. Tha seansa gun adhartaich sin co-ionannachd agus conaltradh a chuireas feabhas air beatha coimhearsneachd aig a’ cheann thall.
Tha Silke Stroh na h-òraidiche ann an Litreachas Beurla aig Oilthigh Muenster sa Ghearmailt. Sgrìobh i Uneasy Subjects: Postcolonialism and Scottish Gaelic Poetry (Rodopi 2011) agus Gaelic Scotland in the Colonial Imagination: Anglophone Writing from 1600 to 1900 (Northwestern University Press 2017).
Comments