• Gregor Addison

Joseph Roth

Bha mi a-mach roimhe air Robert Walser, Eilbheiseach a bha math air sgrìobhadh pìosan goirid den ainm feuilletons. Ach chanainn-sa gur e Joseph Roth an sgrìobhadair as fheàrr a thaobh am feuilleton. B’ e Iùdhach a bh’ ann an Roth ‘s rugadh e ann am Brody, Shtetl ann an Ucràin an Iar. B’ e seòrsa de bhaile-mhargaidh a bha ann an Shtetl anns an robh a’ chuid as motha den àireamh-sluaigh nan Iùdhaich. Is ann orra seo a bha e a-mach san leabhar aige Juden auf Wanderschaft (foillsichte ann an 1927) a’ clàradh an dòigh-beatha a bh' aca san Roinn-Eòrpa ro àm a' chogaidh. Is e leabhar gu math cudromach a th’ ann airson sealltainn dhuinn ciamar a bha mòran beò ann am bailtean-margaidh mar seo mus an do thachair an t-Olocost.


Dh’obair Roth ‘son a’ chuid as motha anns a’ Ghearmailt agus anns an Fhraing a’ sgrìobhadh airson nam pàipear-naidheachdan: am Berliner Börsen-Courier agus am Frankfurter Zeitung. Sgrìobh e uirsgeul ainmeil den ainm Radetzkymarsch agus tòrr leabhraichean a bharrachd. Ach dhomhsa, is ann mar sgrìobhadair den feuilleton a tha e ga dhearbhadh fhèin. Tha cruinneachadh a thàinig a-mach sa Bheurla den ainm What I Saw a tha a’ dèiligeadh ri beatha làitheil ann am Berlin sna 20-an ‘s na 30-an (eadar-theangaichte le Michael Hofmann). Seo rann bho Going for a Walk (1921) mar eisimpleir den stoidhle aige:




"Tha mi a’ faicinn caileag, an glac na h-uinneig fosgailte, mar gur e pàirt den bhalla a tha innte ‘s miann ri teicheadh oirre, ged nach eil fios aice air an t-saoghal ach sin fhèin. Fear, teann ri faileasan ceàrnag poblach, a’ cruinneachadh pìosan pàipear ‘s bun toitein. Cìtheasg-sanasachd cuirte aig ceann na sràide, mar eapagram, le saighead-gaoithe air a’ sealltainn dè an taobh a ghabhas a' ghaoth sìos an t-sràid shònraichte ud.” ("Going for a Walk", ann an What I Saw, t.d. 23, tionndadh Beurla aig Michael Hofmann).

Is e dòigh àraichte a tha aig Roth airson aire a thoirt air na tha tachairt ma thimcheall. Ach aig an aon àm, tha e a’ fàgail beagan dheth-fhèin san dealbh: “caileag, an glac na h-uinneig fosgailte, mar gur e pàirt den bhalla a tha innte ‘s miann ri teicheadh oirre.” Ciamar a tha fios aige gu bheil i ‘son teicheadh? Tha e a’ cur a-staigh na faireachdainnean aige fhèin ris na tha e a’ faicinn.


Is e sgrìobhadair air leth a bh’ ann gun theagamh ach cha robh misneach aige idir a thaobh leughaidh air beulaibh daoine. Ann an litir a sgrìobh e gu Carl Seelig ann an 1933 (an dèidh dha cuireadh a thoirt do Roth gu leughadh ann an Zurich), dh’innis e dhan deasaiche ‘s beachdair:

“Gu mì-fhortanach tha mi a’ fulang bho chnap-starraidhean saidhg-eòlach – mar a tha aig feadhainn mar ainm orra – is e sin, chan urrainn dhomh leughadh gu h-osgarra air beulaibh luchd-èisteachd, ‘s air adhbhar sin agus gu leòr de chothroman a tha mi air chall fad bhliadhnaichean airson airgead a chosg.” (ann an Joseph Roth: A Life in Letters, deas. Michael Hoffmann, t.d. 269)

Gu dearbh, is e beatha caran taistealach a bha aig Roth – a’ siubhal an siud ‘s an seo leis a’ mhàileid ‘s a’ fuireach ann an taighean-òsta. Bha e pòsta aig Friederike Reichler ann an 1922 ach aig deireadh na 20-an chaidh i a-staigh gu taigh-caothaich oir bha sgoltadh-inntinne aice. Chaidh a murt nuair a thòisich na Nazithich air prògram caoin-mharbhadh-èiginn ann an taighean-caothaich a chuir às faisg dha air 300,000 daoine. Chuir e seachad pàirt de a bheatha còmhla ri Andrea Manga Bell ‘s an dèidh sin bha dlùth-dhàimh eadar e-fhèin ‘s Irmgard Keun (sgrìobhadair Gearmailteach) gus an do bhàsaich Roth san Fhraing ann an 1939.

Ged a bha beatha caran taistealach aige, chuir e seachad sia bliadhna deug ‘san taigh-òsta Foyot ann am Paris:

“Mu choinneamh am bistro far a bheil mi air a bhith nam shuidhe fad an latha, thathar a’ toirt sìos seann togalach, taigh-òsta anns an robh mi a’ fuireach fad sia bliadhna deug – sin a-mhàin tursan nuair a bha mi thall thairis. An-dè cha robh ann ach aon bhalla, am balla air a chùlaibh, fhathast na sheasamh, a’ fuireach airson oidhche mu dheireadh. Bha an còrr fhathast nan sprùilleach air an làraich-iodhlann (half-fenced-off site). Bhuail e orm dìreach cho neònach ‘s a bha an làrach ud, cho beag ‘s a bha i a-nis an taca ris an taigh-òsta a bha ann roimhe.” (Joseph Roth, Rest While Watching the Demolition, The White Cities, t.d. 238, tionndadh Beurla aig Michael Hofmann)


A’ sìor-chumail a shùilean air a’ chuspair – ach air a shocair fhèin – tha Roth a’ togail dealbh dhuinn, beag air bheag: tha sinn beò san aon mhòmaid san aon àite far a bheil esan. Nuair a tha e a-mach air custamairean eile sa Bhistro tha e a’ sgrìobhadh:

“Tha gach oillt an t-saoghal annta, gach oillt an latha draghail seo; is e sin cùis an sgìos. Nuair a tha a’ chiad boillsgeadh airgeadach nan lòchran a’ dearrsadh, thig fògarrach gun bhata, mar gun robh e aig an taigh ann an sheo, agus – mar gun robh e airson dearbhadh dhomh gum b’ ann aig an taigh a tha e, gu bheil eòlas-an-àite aige, ach cuideachd nach eil an t-àite far a bheil e a’ faireachdainn aig an taigh idir mar dachaigh dha – tha e ag ràdh: “Tha fios agam air àite far am faigh thu biadh math saor.” Agus tha mi toilichte dha airson sin. Tha mi toilichte gun teich e fo lorgan nan lampaichean airgeadach, gun bhacadh na chois ‘s gun a bhith a’ toirt an aire, seach gu bheil e a’ fàs nas dorcha a-nis, don làraich fhalamh mu choinneamh. Cha leigear leis a h-uile duine a bhith a’ fàs cleachdte ri sprùilleach ‘s ballachan briste.” (Joseph Roth, In the Bistro After Midnight, Das Neue Tage-Buch, 1938, ann an The White Cities, t.d. 240-241, tionndadh Beurla aig Michael Hofmann)

Cha robh e a- riamh beartach. B’ e misgear a bh’ann. Ach dh’fhàg e dhuinn cuireadh mòmaid no dhà a chur seachad na chuideachd ‘s faighinn sealladh air saoghal a tha a-nis gu tur air falbh.


(An ath-thuras: Getting Conversational Theme by Theme)

Join the Progressive Gaelic Community

© 2012 by Follais Books