top of page

"Obstinately alive"

Updated: Apr 28, 2020

O chionn ghoirid bha mi a’ leughadh leabhar a sgrìobh an t-Àrd-ollamh John Stuart Blackie aig deireadh an naoidheamh linn deug far an robh e a-mach air iadsan a bha a’ sìor-chur sìos air a’ Ghàidhlig ‘s ag ràdh nach biodh i fada beò: a dh’aindeoin sin, fhreagair Blackie, tha a’ chànain ‘s an cultur “obstinately alive”.

Thòisich mi fhèin air Gàidhlig ionnsachadh nuair a bha mi aig Oilthigh Obar Dheathain aig deireadh an fhicheadamh linn. Cha chanainn-sa gun d’ rinn mi job math dheth ach tha gu leòr de Ghàidhlig agam a bhith a’ leughadh ‘s (bho àm gu àm) a’ sgrìobhadh sa chànain. Ach ged a rinn mi ceum ann an Gàidhlig ‘s Beurla, ged a chaidh mi an dèidh sin gu Colaist Cnoc Iòrdain far an do thog mi teisteanas-teagaisg (a-rithist ann an Gàidhlig ‘s Beurla), cha robh e fada gus an do thill mi gu Beurla ‘s teagasg ann an Colaist ann am Bruach a’ Chluaidh.

Uaireannan tha mi a’ faireachdainn mar nach d’ rinn mi a’ chùis air a’ chànain idir ‘s feumaidh mi aideachadh gu bheil mi, a bharrachd air sin, beagan ciontach – ciontach nach robh mi nas taiceile – nach robh mi a’ dèanamh barrachd gus am bi i – a’ Ghàidhlig – beò gu danarra. Carson a tha mi a’ faireachdainn mar seo? Uill, cha robh mi a-riamh misneachail a thaobh a’ chànain ‘s leig mi leam-fhèin drioftadh ro fhada bhon chladach – bho na h-eileanan, bho dhaoine anns a bheil a’ chànain beò (‘s chan eil mi a’ ciallachadh ‘beò fhathast’ ach ‘beò gu danarra’) agus a-nis, aig aois lethcheud ‘s a trì, tha mi a’ faireachdainn gun urrainn dhomh a bhith a’ deanamh barrachd ‘s gun fheumainn a bhith nas taiceile na tha mi air a bhith thuige seo.

Gus am bi sin cothromach, feumaidh mi mo chuid Ghàidhlig a neartachadh, ‘s gun a bhith a’ faireachdainn ciontach dìreach o chionn ’s nach eil mi cho fada nam mhisneach ‘s a bu thoil leam a bhith. Is e rud doirbh a th’ ann uaireannan a bhith ag ionnsachadh cànain ‘s a’ fuireach am measg nan daoine a tha ga bruidhinn gu nàdarra mar chànain làitheil. ‘S is tric a tha mi a’ smaoineachadh cia mheud duine a tha ann aig a bheil cion-mhisneach a thaobh bruidhinn a’ chànain seach nach eil i a’ faireachdainn nàdarrach dhaibh? Cia mheud a tha air chall mar luchd-taic a’ chànain. B’ e fear-ionnsachaidh a bh’ ann an John Stuart Blackie fhèin. Bha dìorras soisgeulach aige a thaobh an dà chuid cànain ‘s cultur nan Gàidheal ‘s bha làn-fhios aige nach robh i marbh, ged a bha feadhainn ann a bhiodh toilichte nan tachradh sin.

Tha sinn gu tric a-mach air bàs na Gàidhlig – ach b’ fheàrr leam a bhith a’ smaoineachadh air an t-suidheachadh anns an aon dòigh a bha aig Blackie: tha a’ Ghàidhlig, ge b’ e oidhirpean a chur às dhi, an dà chuid san naoidheamh linn deug ‘s an latha an-diugh, an dà chuid ann an gnìomhan ‘s faclan, “obstinately alive.” Agus feumaidh sinn uile a bhith a’ toirt taic gu luchd-ionnsachaidh ‘s a’ togail am misneach gus am bi a’ chànain fhèin nas làidire. Is e rud nàdarra a tha ann an cànain. Chan eil gin dhiubh a tha nas nàdarra na cànain eile.











Tha Gregor Addison a' fuireach ann an Glaschu. 'S e òraidiche colaiste a th' ann, agus tha ceumannan aige ann an Gàidhlig is Beurla, agus ann an teagasg àrd-sgoile. Tha e na sgrìobhadair, is bidh e a' sgrìobhadh an dà chuid ficsean is bàrdachd. Nochd cuid de na sgeulachdan Gàidhlig aige ann an Gath agus Causeway/Cabhsair.

102 views0 comments

Recent Posts

See All

Join the Progressive Gaelic Community

Thanks for submitting!

bottom of page