Spòrs (m) - Sport

Although a plural form is possible (spòrsachan), this word is generally used as both a singular and collective noun. It is otherwise invariable, so there are no changes in genitive position. Note, it is also the most commonly used Gaelic word for “fun”.

 

Bhiodh sin spòrs – that would be fun

 

Còmhradh - Conversation

 

Dè an spòrs as fheàrr leat? – what’s your favourite sport?

Dè an seòrsa spòrs as fheàrr leat? – what’s your favourite type of sport?

 

Am bi thu a’ cluich spòrs (sam bith)? – do you play (any) sports?

Dè an spòrs a bhios tu a’ cluich? – which sport do you play?

 

Bidh mi a’ cluich… - I play…

Bidh mi ri… - I do…

Bidh mi a’ dèanamh… - I do…

 

Is fheàrr leam coimhead na cluich – I prefer watching to playing

 

Dè an sgioba a tha thu a’ leantainn? – what team do you support?

Tha mi a’ leantainn… - I support…

Dè an sgioba ball-coise… ? – which football team…?

Dè an sgioba camanachd…? – which shinty team…?

 

Cha toil leam idir spòrs – I don’t like sport at all

Is beag orm spòrs – I hate sport

 

’S e teanas-bùird as fheàrr leam – table tennis is my favourite

’S fheàrr leam snàmh na ruith – I prefer swimming rather than running

Cuin a bhios tu...? - when do you...?

Dè cho tric 's a bhios tu...? - how often do you..?

 

Bidh mi a’ cluich ball-basgaid gach feasgar Diluain agus rugbaidh corra uair aig deireadh na seachdain – I play basketball each Monday afternoon/evening and rugby occasionally at weekends

corra uair - occasionally

B’ àbhaist dhomh teanas-bùird a dhèanamh ach cha chluich mi tuilleadh e – I used to do table tennis, but I don’t play it anymore

tuilleadh - anymore

 

Tha ise math air hogaidh – she is good at hockey

 

hogaidh (m) or hocaidh (m) – hockey

 

Tha spòrs math dhut – sport is good for you

Tha spòrs fallain – sport is healthy

Cha bhi mise ga dhèanamh tuilleadh, ach tha mo mhac/mo nighean math air – I don’t do it anymore, but my son/my daughter is good at it

 
 
 
 
 
 
Liosta de spòrs eadar-dhealaichte - list of different sports

Bidh mise a' cluich... - I play...

rugbaidh (m) - rugby

ball-coise (m) - football

teanas (m) - tennis

teanas-bùird (m) - table tennis

goilf (m) - golf

badmantan (m) - badminton

ball-basgaid (m) - basketball

bidh mise a' dèanamh... - I do...

boghadaireachd (f) - archery

claidheamhaireachd (f) - fencing

spòrs (m) còmhraige - combat sports

ealain mhàirsealach (f) - martial arts

Some sports don't need the verbs a' cluich or a' dèanamh:

Bidh mi... - I (do)...

a' snàmh - swimming

a' ruith - running

a' coiseachd - walking

a' sreap nam beann - mountain climbing

bidh mi a' coiseachd - I go walking

bidh mi a' tilgeil ghathan - I play darts

Join the Progressive Gaelic Community

© 2012 by Follais Books